Sgìrean Dìon Mara nan taic do dh'iasgairean?

Bàt-iasgaich
Image caption Tha dragh air iasgairean a' chosta an iar gum mill bàtaichean mòra stocan a' mhuasgain-chaoil.

Tha eagal air iasgairean a' chosta an iar gun tèid bàtaichean mòra bhon chost an ear dhan Chuan Sgìth a-rithist am bliadhna 's gun dèan iad sgios air stocan nam muasgan-caola.

Chaidh casg a chur an sàs, ach dh'fhaodadh bàtaichean lìn eadar-dhealaichte a chleachdadh.

'S e adhbhar dragh a th' ann, ach tha beachd air nochdadh gum faodadh na sgìrean glèidhte MPA, a tha an Riaghaltas a' toirt a-steach, a bhith air an cleachdadh airson bàtaichean an taobh an ear a chumail a-mach.

"Tha bàtaichean air a bhith ann a' cleachdadh dòigh iasgaich suas ri 50 bliadhna, 's tha na rudan a tha na h-àiteachan air an comharrachadh airson glèidhteachais, tha iad ann fhathast," thuirt Rùnaire Comann Iasgairean nan Eilean Siar, Donnchadh MacAonghais.

"An cunnart as motha a tha mise a' faicinn, 's e gun tig bàtaichean mòra nach eil air a bhith a-staigh ann a-steach dha na h-àiteachan a tha sin, agus gun dèan iad milleadh mòr air na h-àiteachan glèidhteachais a tha sin agus an rud a th' ann.

"'S e aon dòigh air adhart airson nach tig iad a-steach, smachd fhaighinn air na bàtaichean sin gun a thighinn ann.

"Ma dh'obraicheas e anns na h-àiteachan sin, chan eil mise a' faicinn carson nach eil adhbhar math ann airson sin a leudachadh ann an sgìrean mara nas fharsainn, agus casg a chur air bàtaichean gu h-àraid a thaobh a' chuideim a th' annta," thuirt e.