Leasachadh air goireasan san Ràthaig Mhòr

Chaidh àiteachan fuirich ùr-leasaichte do dh'euslaintich às na h-eileanan agus sgìrean dùthchail de Thìr Mòr na Gàidhealtachd fhosgladh gu h-oifigeil aig Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis.

Chosg an obair-leasachaidh air Kyle Court £300,000.

Tha an t-ionad a' toirt àite-fuirich do dh'euslaintich nach eil a' feumachdainn leabaidh san ospadal fhèin, ach a tha a' tadhail airson obair-leigheis no measaidhean fhaighinn.

Chaidh NHS na Gàidhealtachd a chàineadh le buidheann de dh'euslaintich aillse an-uiridh air sgàth staid Kyle Court.

Chaidh an àireamh de sheòmraichean-cadail a th' ann a leudachadh bho 28 gu 32.

Tha seòmraichean dà-leapach ann a-niste, agus gabhaidh an t-ionad suas ri 50 duine.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile