Tuath-gaoithe eile san amharc

Tuath-gaoithe
Image caption Bhiodh ceithir crann deug san leasachadh an iar air Tolastadh bho Thuath.

Tha iarrtas airson cead-dealbhachaidh air nochdadh airson tuath-gaoithe an iar air Tolastadh bho Thuath ann an Leòdhas.

Bhiodh ceithir crann deug san leasachadh, a chruthaicheadh còrr is 40 megawatt.

Bheireadh a' chompanaidh tha ga thogail, 2020 Renewables, seachad tè de na h-ionmhasan coimhearsnachd as motha a th' air tighinn bho luchd-leasachaidh prìobhaideach fhathast.

Gheall iad £7000 gach megawatt dhan choimhearsnachd, faisg air £300,000 gach bliadhna, no £7m fhads a sheasas an tuath-gaoithe.

Thuirt iad gun cruthaich a' phròiseact 70 cosnadh fhads a tha an obair-togail a' dol air adhart.

Thuirt iad cuideachd gun neartaich e an t-iarrtas airson cabal dealain eadar na h-Eileanan an Iar is tìr-mòr.