Dealbh a thog Willy Romer
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Berlin eadar an dà chogadh

1 An Cèitean 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha taisbeanadh dhealbhan ann an Glaschu an-dràsta a' toirt sealladh air cò ris a bha e coltach do mhuinntir Bherlin eadar an dà chogadh.

'S e fear Willy Romer a tharraing na dealbhan, 's iad mar uinneig air saoghal nach buan.

Chaidh mòran de na toglaichean annta a sgrios le bomaichean tron dàrna cogadh.

'S e am ùpraideach a bh'ann a thug cothrom do na Natsaich èirigh gu cumhachd.

Dhùin iadsan an gnìomhachas deilbh aig Willy Romer ann an 1935.

Chaidh Seonaidh MacCoinnich gu gailearaidh an Trongate ann an Glaschu, a dh'fhaicinn an taisbeanaidh.