Misneachd mu chàball fon mhuir

Tha co-dhùnadh a dhìth bhon Riaghaltas mun t-subsadaidh a gheibh dealain ath-nuadhachail mas urrainn dhaibh càball òrdachadh airson a chur eadar na h-Eileanan agus tir-mòr.

Seo a-rèir SHE Transmission, a' chompanaidh ris a bheil griod an dealain an urra sa cheann a tuath, 's iad a' bruidhinn aig co-labhairt ann an Steòrnabhagh an diugh.

Thuirt a' chompanaidh gum feum an riaghaltas an co-dhùnadh a dhèanamh mus urrainn dhaibhsan an uidheamachd a tha a dhìth a chur air dòigh.

Ach thuirt riochdaire bhon Ghriod Nàiseanta gun robh esan a-nis gu math misneachail gun tèid an càball air adhart.

Taic-airgid

Thuirt stiùiriche giùlain dealain a' Ghriod Nàiseanta, Mike Calviou, gu bheil an dà Riaghaltas a' bruidhinn air an taic-airgid a tha dealan nan eilean a' faighinn àrdachadh, gus am pàigh e do luchd-leasachaidh dealain a chruthachadh gach cuid anns na h-Eileanan a Tuath agus na h-Eileanan Siar.

Tha dùil aig Mgr Calviou gum bith an càball sa mhuir as t-Fhoghair 2016.

Ach a-rèir riochdaire SHE Transmission, Ailig Moireasdan, cha b'urrain dhaibhsan ceann latha a chur air, agus chan urrain dhaibh iarrtas a chur gu riaghladair a' chumhachd Ofgem gus am faigh iad co-dhùnadh bhon Riaghaltas.

Luchd-leasachaidh

Mhinich Mgr Moireasdan gum b'urrain dhaibh sin a ghluasad air adhart a cheart cho luath 's a gheibheadh iad co-dhùnadh an Riaghaltais.

Thuirt ceannard Chomhairle nan Eilean Siar, Aonghas Caimbeul, gun robh luchd-leasachaidh anns na h-eileanan air coinneachadh a h-uile cùmhnant a bha SHE Transmission air a chuir romhpa agus nach gabhadh e tuigsinn carson nach deach an t-iarrtas a-steach.

Ach thuirt Mgr Caimbeul gu bheil e nas misneachaile a-nis, cho luath sa thèid aithisg na buidhne eadar-riaghaltasan air cumhachd ath-nuadhachail anns na h-eileanan fhoillseachadh gun tèid an càball air adhart gu math sgiobalta às dèidh sin.