Ceistean mu aiseag Arcaibh

Aiseag Arcaibh Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Chaidh an soitheach a thoirt far na slighe an t-seachdain seo chaidh, le einnsinn briste.

Tha an Comh. Ailig MacLeòid ag iarraidh air a' chompanaidh Serco Northlink agus Riaghaltas na h-Alba mìneachadh a dhèanamh air mar nach robh planaichean an àite a chuireadh soitheach eile air an aiseag eadar Scràbasdail ann an Gallaibh agus Arcaibh nas luaithe.

Tha e den bheachd gu bheil call mòr ann do ghnìomhachasan Inbhir Theòrsa agus Scràbasdail, agus gu bheileas ag iarraidh fhreagairtean airson na thachair.

Aig a' cheart àm, thuirt Serco Northlink gun robh iad an dòchas gum biodh soitheach bathair an MV Hellier ga cur air an t-seirbheis Dihaoine, ma 's e agus gun tèid deuchainnean oirre Diardaoin gu math dhaibh.

Thathas a' dèanamh atharraichaidhean air a' chidhe aig Scràbasdail, agus tha clàr-ama ùr ga chur air dòigh fhad 's a bhios i air an t-seirbheis.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile