Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

2 An Cèitean 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Clostridium Difficile

Chaidh seòrsa ùr de thinneas Clostridium Difficile a lorg ann an triùir euslainteach a chaochail anns an aon roinn bhòrd-slàinte ann an Alba agus dithis dhiubh anns an aon ospadal. Thuirt Buidheann Dìon na Slàinte an Alba gur e seo a' chiad chùis a th' air tighinn am follais den t-seòrsa seo de C-Diff san t-Saoghal. Bha na h-euslaintich uile gu math bochd mus do chaochail iad, agus cha robh ceangal sam bith idir air a lorg eadar an triùir.

Morgaidsean Rèidh

Tha còrr is millean duine aig a bheil morgaids far nach bi iad a' pàigheadh ach an riadh, ann an cunnart nach tèid aca air am morgaids a phàigheadh air ais. Sin a rèir na buidhne ùire, Ùghdarras Giùlain an Ionmhais. Thuirt iad gu bheil mun dàrna leth den 2.6millean duine aig a bheil leithid sin de mhorgaids nach eil air gu leòr airgid a shàbhaladh airson an airgead-calpa a phàigheadh air ais dar a thig am morgaids gu ceann. Mhol an t-Ùghdarras gum bu chòir do dhaoine a bhith a' dèiligeadh ris an trioblaid seo, gus dèanamh cinnteach gun tèid aca air an dachannan a chumail.

Afganastan

Tha teaghlaichean agus caraidean air a bhith a' dèanamh luaidh air triùir shaighdearan a chadh a mharbhadh an t-seachdain seo ann an Afganastan. Dh'ainmich Ministrealachd an Dìon na fireannaich a chaochail às dèidh dhan charbad armaichte Mastiff anns an robh iad a' siubhail bualadh ann am boma falaichte. B'iad an Corprail Uilleam Savage agus am Fusilier Samuel Flint bho Fusiliers Rìoghail na Gàidhealtachd - an dàrna batalian de Rèiseamaid Rìoghail na h-Alba - agus an Saighdear Prìobhaideach Raibeart Hetherington bhon 51st Highland - an seacdamh batalian de Rèiseamaid Rìoghail na h-Alba. Chaidh sianar eile a leòn anns an spreadh ann an sgìre Helmand, Dimàirt.

Mac Gaddafi

Nochd mac seann cheannard Libia, an Còirnealair Gaddafi, sa chùirt ann am baile Zintan anns an dùthaich. Chaidh Saif al-Islam a ghlacadh ann an 2011 agus Cùirt Eadar-naiseanta na h-Eucorra air a bhith ga shireadh. Chaidh a' chùis a chur dheth chun an t-Sultain.

Fuarachadh Eanchainne

Thèid eanchainnean dhaoine an Dùn Èideann fhuarachadh mar dheuchainn air leigheas ùr air stròcan. Tha dotairean a' feuchainn ri faighinn a-mach an dèan e feum eanchainn a dhèanamh fuar dìreach às dèidh do dhuine stròc fhulang.