Sgìre Leasachaidh Ghnothachais do Steòrnabhagh

Tha buidheann de ghnothachasan ann an Steòrnabhagh a' coimhead ri Sgìre Leasachaidh Ghnothachais (BID) a stèidheachadh feuch ath-nuadhachadh a thoirt air meadhan a' bhaile.

Thathas a' cumail a-mach gun toir an iomairt, a tha a' ruith mar thà ann an Inbhir Nis agus san Òban, togail do mhalairt, agus gum fàg e Steòrnabhagh na àite nas tlachmhoire a thadhail air.

Gus am BID a stèidheachadh, feumar planaichean mionaideach ullachadh an toiseach tro cho-chomhairleachadh le gnothachasan ionadail.

Dh'fheumadh an uair sin baileat dìomhair am measg luchd-gnothachais san sgìre na planaichean a cheadachadh airson còig bliadhna.

Thèid aithisg air mar a dh'fhaodas a' choimhearsnachd cuideachadh, agus na chosgas e don sporran phoblach, a dheasbad aig Comhairle nan Eilean Siar san Ògmhios.