Post
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Seirbheis ga call an Creag Ghoraidh?

2 An Cèitean 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha ceist air èirigh mu na tha an-dàn do sheirbhisean oifis a' phuist ann an Creag Ghoraidh ann am Beinn nam Fadhla.

Tha an fheadhainn a tha a' ruith na seirbheis an-dràsta, Dàibhidh agus Evelyn Thorington, airson an dreuchdan a leigeil dhiubh.

Ach, dh'fàilig orra an gnìomhachas a tha ceangailte ris an t-seirbhis a reic, is tha cunnart ann a-nis gun tèid an oifis puist a chall.