Geama mòr sa Bhail' Ùr

Caman
Image caption Tha geamaichean inntineach ann an lìog agus cupa aig an deireadh-sheachdain.

Feuchaidh Bail' Ùr an t-Slèibh ri astar a chur eadar iad fhèin agus an còrr aig mullach na Prìomh Lìge Disathairne nuair a chluicheas iad An Gearasdan.

Shoirbhich leis a' Bhail' Ùr 5-3 ann an ùine a bharrachd an aghaidh a' Ghearasdain ann an Cupa MhicThàmhais bho chionn beagan sheachdainean.

B'e geama stoirmeil a bha sin le Steaphan Dòmhnallach bhon Bhail' Ùr is Niall Mac a' Phì aig a' Ghearasdan gan cur far na pàirce, cho math ri Gordy MacFhionghuin is Liam Mac an t-Saoir aig a' Ghearasdan a bhith air an goirteachadh.

Chan eil An Gearasdan air an ìre sin a ruighinn bhon uair sin, is chaill iad 6-0 aig an taigh an agaidh Lòbhait an t-seachdain seo chaidh.

'S ann a tha gnothaichean an caochladh do Bhail' Ùr an t-Slèibh, a rinn a' chùis 4-1 air Inbhir Aora Disathairne seo chaidh 'son a dhol gu mullach na lìge, is bu chòir gum bi iad ro mhath dhan Ghearasdan an turas seo a-rithist.

Bristeadh-dùil

Thèid Inbhir Aora gu Ceann Loch Seile is iad ag amas air a' bhristeadh-dùil a bh' aca an aghaidh Bhail' Ùr an t-Slèibh a chur air an cùlaibh.

Thuirt am manaidsear, Garry Mac a' Phearsainn, gum feum na cluicheadaran aige misneachd a bharrachd annta fhèin ma tha cothrom idir gu bhith aca air an tiotal.

Tha Ceann Loch Seile feumach air na puingean 'son sreap air falbh bho bhonn na lìge is bidh cha-mhòr a h-uile cluicheadair aca fut 'son a' gheama.

'S iad Lòbhat an aon sgioba eile cho math ris a' Bhail' Ùr nach do chaill geama am bliadhna, is abair gum bi iad ann an sunnd às dèidh a' phronnaidh a thug iad air a' Ghearasdan.

'S e dùbhlan a bhios ann dhaibh Disathairne ge-tà air falbh aig Caol Bhòid, sgioba nach eil thuige seo a' ruighinn na h-ìre 's a bhathar an dùil aig toiseach an t-seusain.

Bidh fios aig an dà sgioba gum feum iad dà phuing an seo 'son ceann a' mhaide a chumail ris a' Bhail' Ùr is bu chòir gur e geama faisg a bhios ann.

Faisg

Bidh dùil ri geama faisg cuideachd ann an Druim na Drochaid far an tèid Gleann Urchadain an agaidh Chinn a' Ghiuthsaich.

Tha an Gleann a' togail orra a-nise às dèidh dhaibh an ciad trì gheamaichean a chall, is thill iad air ais às an Òban an t-seachdain seo chaidh le dà phuing.

'S ann a tha an sgioba òg aig Ceann a' Ghiuthsaich a' dol an ìre mhath cuideachd is bidh iadsan gu mòr air am misneachadh le mar a bhuannaich iad 3-2 an aghaidh Chaol Bhòid sa gheama mu dheireadh aca.

Thill sgioba Bhàideanach air ais bho 0-2 le tadhail air leth is bidh dòchas gu leòr aca 'son nam bliadhnaichean ri tighinn ma 's urrainn dhaibh an sgioba seo a chumail còmhla.

Aig bonn na lìge tha geama mòr aig Mossfield is Camanachd an Òbain a' cluich Loch Abair.

Tha an dà sgioba còmhla aig a' bhonn is cruaidh fheum aca le chèile air puingean.

Tàladh

Tha Camanachd an Òbain fhathast a' feuchainn ri Friseal Inglis a thàladh air ais dhan sgioba is e a-nise mar phàirt den sgioba-choidsidh aca.

'S e cluicheadar samhail Inglis nuair a bha e aig àirde a tha a dhìth air Loch Abar cuideachd is iad air dìreach tadhal a chur ann an sia geamaichean thuige seo.

Feumaidh iad sin a chur ceart ma tha cothrom sam bith gu bhith aca air fuireach sa Phrìomh Lìog.

Tha sreath gheamaichean anns a' Chiad Chuairt de Chupa na Camanachd cuideachd.

'S iad A' Mhanachainn an agaidh Shrath Ghlais is Cill Mhàillidh an aghaidh Ghlaschu Meadhan Earra-Ghàidheal na geamaichean as tarraingich, 's dòcha.

Thèid na Sgitheanaich gu Taigh an Uillt is cha bu chòir gum bi cus duillgheadais aca an sin.

Ann an Lìog Tuath 3 bidh Camanachd Leòdhais a' tadhal air Pàirc a' Bhucht.

Rinn na Leòdhasaich a' chùis air Inbhir Nis dà thuras an-uiridh ach tha sgioba a' bhaile a' dol nas fheàrr am bliadhna, agus tha coltas teann air a' gheama seo.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile