Dearbhadh air EGM na h-iomain

Dh'innis Comann na Camanachd gum bi coinneamh shònraichte EGM ann mu na planaichean aca airson structar ùr air na lìogaichean.

Chuir Camanachd an Eilein Sgitheanaich an tagradh air adhart, le taic bho Bhail' Ùr an t-Slèibh, Ceann a' Ghiuthsaich agus Caol Bhòid.

Bidh a' choinneamh ann Dihaoine an 17mh den Chèitean ann an Taigh-òsta Beinn Nibheis sa Ghearasdan.

Bhòtaidh clubaichean air gluasad gum bu chòir na planaichean 'son am Prìomh Lìog a ghearradh bho 10 sgioba gu 8 agus darna lìog nàiseanta a stèidheachadh a thilgeil às.

Tha gluasad eile ann - ma 's e is gun tèid a' chiad ghluasad troimhe - gum bu chòir do bhòrd stiùiridh Chomann na Camanachd co-chomhairle eile a dhèanamh air duilgheasdan na spòrs, is mar a bhiodh structar ùr na fhuasgladh dhaibh.

Fo na riaghailtean a th' ann dh'fheumadh na Sgitheanaich 75% den bhòt.

Chan eil e buileach follaiseach fhathast ge-tà dè thachras fiùs ma gheibh iad taic gu leòr, le beachd a' nochdadh aig AGM Chomann na Camanachd an t-seachdain seo chaidh gun cuir am bòrd-stiùiridh am planaichean troimhe eadhon ged a chailleadh iad bhòt aig EGM.

'S e suidheachadh a bhiodh sin a chuireadh an ceòl air feadh na fidhle buileach.

Tuilleadh air an sgeulachd seo