Sgrùdadh neo-eisimeileach ga iarraidh air Roghainn 6

Roghainn 6
Image caption Thagh buill Comhairle na Gàidhealtachd Roghainn 6 gu h-aona-ghuthach an-uiridh.

Tha mòr-chuid de chomhairlean coimhearsnachd ann an Inbhir Nis air an taic a chur ri iarrtas gun tèid sgrùdadh neo-eisimeileach a dhèanamh air planaichean airson Ceangal-rathaid an Iar a' bhaile.

Ann an litir gu Comhairle na Gàidhealtachd, tha na 14 comhairlean coimhearsnachd ag ràdh gu bheil tuilleadh sgrùdaidh a dhìth airson na slighe a thagh a' Chomhairle, "Roghain 6", a ghearradh tro phàirce phoblaich.

Thagh buill Chomhairle na Gàidhealtachd Roghainn 6 gu h-aona-ghuthach an-uiridh, ach tha iomairt na aghaidh air a bhith a' fàs.

Tha na comhairlean coimhearsnachd ag ràdh gu bheil an sgrùdadh neo-eisimeileach a dhìth ri linn fiosrachaidh ùir a th' air tighinn am bàrr.

Tha iad cuideachd ag ràdh gum feum cosgaisean gach roghainn a bh' ann a bhith air am measadh gu co-ionnan, a' gabhail a-steach leithid chosgaisean airson a bhith a' gluasad ghoireasan spòrs, airgead-dìolaidh a dh'fheumte a phàigheadh, agus na chuireadh luchd-leasachaidh ris na pròiseactan.

Chan eil na comhairlean coimhearsnachd ag ràdh gu bheil fianais ann air mì-làimhseachadh aig Comhairle na Gàidhealtachd.

Ach tha iad ag ràdh, nan diùltadh a' Chomhairle gabhail ris an iarrtas aca, gun dèanadh sin cron air misneachd a' phobaill anns a' Chomhairle, a thuilleadh air a bhith a' cur ri argamaidean feadhainn a tha amharasach mar thà mu na tha gan stiùireadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile