Gàradh Àird nan Saor ceum nas fhaisge air fosgladh

Gàradh Àird nan Saor Image copyright The Port of Ardersier company
Image caption Tha dùil gum bith an gàradh fosgailte a-rithist tràth an ath-bhliadhna.

Ghluais ath-fhosgladh ghàradh ola Àird nan Saor nas fhaisge, agus planachan 'son cead-dealbhachaidh a' dol gu Comhairle na Gàidhealtachd agus Riaghaltas na h-Alba.

Tha Port Àird nan Saor ag iarraidh cead an làrach, an iar air Inbhir Narrann, a leasachadh 'son innleachd a thogail do thuathan-gaoithe aig muir.

Tha a' bhuidheann ag ràdh gum faodadh còrr 's 2,500 cosnadh seasmhach a bhith stèidhichte aig a' ghàradh.

Thuirt iad, ma gheibh iad cead, gun tòisicheadh obair am bliadhna gus cala an ionaid a ghlanadh a-mach.

Bhiodh dùil an uair sin gum fosgladh an t-ionad tràth an ath-bhliadhna.

Bha an gàradh "Gàradh MhicDhiarmaid" mar a bh' air aig an àm - roimhe ag obair a' togail chlàran-ola is gas airson a' Chuain a Tuath sna 70an.

Nuair a bha e aig àirde, bha 4,500 duine a' faighinn cosnaidh ann, ach chaidh a dhùnadh ann an 2001 ri linn dìth iarrtais.

Chaidh gàradh eile air taobh eile Linne Mhoireibh bho Àird nan Saor, aig Bàgh an Eige air Machair Rois, a ghabhail os làimh ann an 2011 le Global Energy Group, an dèidh dha a bhith dùinte grunn bhliadhnaichean.

Tha Global air a bhith ga chur air ais ann an òrdugh airson clàran-ola is gas ath-ullachadh airson cumhachd ath-nuadhachail, 's tha iad mar thà a' toirt cosnaidh do 800 duine.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile