Sgeir ùr na tarraing do dhàibhearan?

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Dheadh an HMS Campbelltown a chur fodha a dh'aona-ghnothach ann an Caol Muile.

Dh'fhoillsicheadh planaichean airson seann long-chogaidh a chur fodha far chladaichean na Gàidhealtachd.

Tha Ionad nan Dàibhearan ann an Loch Àlainn airson an t-soitheach, HMS Campbeltown, a cheannach agus a chur air grunnd na mara ann an Caol Mhuile.

Tha iad ag amas air sgeir fhuadain a chruthachadh a tharraingeas dàibhearan, obraichean agus airgead don sgìre.

Tha dàibhearan den bheachd gu bheil seo a dhìth, ri linn 's nach eil na tha sin de luing-bhrisidh air grunn na mara far chosta na Gàidhealtachd 's a b'àbhaist.

Turasachd

"San là a th' ann, le teicneòlas a' gluasad air adhart, 's dòcha gur e nas lugha 's nas lugha de shoithichean a tha a' dol air na creagan 's a' dol fodha," thuirt Dòmhnall MacNèill, a bhios a' dàibheadh mar chur-seachad.

"'S aithne dhomhsa aon long a chaidh fodha far chladaichean na Gàidhealtachd san deich bliadhna a dh'fhalbh.

"Sin taobh Ulapuil, an Jambo, a chaidh sìos faisg air Aichilidh Bhuidhe.

"Le sin, tha na luing-bhrisidh a tha shìos air a' ghrunnd a' fàs nas sine, tha iad a' tuiteam, 's chan eil iad cho tarraingeach tuilleadh.

"Ma tha thu ga dhèanamh mar seo, a' cur bàta fodha anns an àite cheart, 's dòcha rudeigin sàmhach far nach eil cus de shruth na mara a' cur dragh air, gun teagamh tàlaidh sin daoine.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheileas a' dèanamh oidhirp mhòir nach eil e a' toirt buaidh sam bith air an àrainneachd.

"Chuir iad tè fodha faisg air a' Chòrn tha mi a' smaoineachadh bho chionn grunn bhliadhnaichean, an Scilla, agus chaidh na tancaichean a ghlanadh.

"Chanainnsa gur e glè ghlè bheag, anns an là a th' ann, de thruailleadh a bhiodh na chois.

"Ged a tha sruth làidir ann an Caol Mhuile, tha fasgadh ann bhon ghaoith as làidire 's as trice a gheibh sinn, bhon iar-dheas.

"Agus le siud, tha 's dòcha barrachd làithean far am faigheadh tu dàibheadh ann an siud seach àite sam bith eile.

"Agus tha bun-structar ann timcheall. Tha bùithdean agus gnìomhachasan san Òban, agus dh'fhaodadh gun tòisich fiù 's feadhainn ùra nan robh rudeigin ùr tarraingeach mar seo ann.

"Chanainnsa gun toir e barrachd dhaoine a dh'Alba. Tha seo a' tachairt ann an àiteachan eile san t-Saoghal.

"Tha mi a' smaoineachadh gun do chuir Riaghaltas nan Caymans destroyer no rudeigin fodha ann an siud bho chionn grunn bhliadhnaichean.

Uisgeachan Glana

"'S e 's dòcha ge-tà, an eisimpleir as fheàrr a th' againn - agus dh'fhaodadh tu a ràdh gur e sgeirean fuadain a th' annta, bhon chaidh an cur fodha a dh'aona-ghnothach - cabhlach na Gearmailt ann an Scapa Flow.

Image copyright AP
Image caption Bidh mòran a' dàibheadh airson cur-seachad, 's tha luing-bhrisidh gu math tarraingeach dhaibh.

"Ged a chaidh tòrr dhiubh sin a thogail às dèidh a' chogaidh, tha grunnan dhiubh air fhàgail fhathast. Ochd no naoi dhiubh.

"Nan deadh tu suas gu Stròmanais seachdain sam bith den t-Samhradh, chìtheadh tu gu bheil deich, 's dòcha barrachd, de bhàtaichean a' frithealadh nan long-brisidh a tha siud, làn dàibhearan," thuirt e.

Tha Mgr MacNèill den bheachd gu bheil buannachdan mòra aig Alba a thaobh an leithid de thurasachd.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e cho glan 's a tha na h-uisgeachan againn.

"Leis nach eil aibhnichean mòra sam bith a' tighinn a-steach, air Ghàidhealtachd can, a shlaodadh stùr agus duslach agus eile sìos 's an uair sin ga fhàgail aig muir.

"Tuath air Abhainn Chluaidh, chan eil abhainn mhòr sam bith eile a' tighinn a-steach dhan mhuir.

"Le siud, agus Sruth a' Ghulf, tha uisgeachan glan, an ìre mhath blàth, againn, 's tha beathaichean ann.

"Nan cuireadh tu long mar siud sìos, chìtheadh tu rudan a' fàs air gu math sgiobalta.

"Ann an Caol Mhuile fhèin, tha long-brisidh gu math ainmeil ann mar thà, an Hispania.

"Agus leis gu bheil sruth a' dol thairis air siud dhà no thrì tursan san là, tha na tha sin de bheathaichean agus eile a' fàs air.

"Nam biodh a' ghrian a' deàrrsadh, tha e dathach, tha e soilleir, 's chì thu tòrr den long a tha siud, agus tha e dìreach tarraingeach a bhith ga dhèanamh," thuirt e.