Cùis-lagha Liam Aitchison air tòiseachadh

Chuala cùirt gun do dh'fhaighnich leannan an deugaire Eileanaich, Liam Aitchison, de dh'fhear a tha fo chasaid gun do mhuirt e e, carson a dh'fhàg e Liam ann an dìg.

Bha Ellen NicIllInnein, 17, a' toirt fianais air a' chiad là den chùis-lagha aig an Àrd-Chùirt ann an Glaschu.

'S ise a chuir fios air na Poilis nuair a chaidh Liam a dhìth.

Tha Ionatan MacFhionghain, agus Stefan Millar, a tha le chèile 22 bhliadhna de dh'aois, a' dol às àicheadh gur iad a mhuirt Liam, a bha 16, san t-Samhain 2011, ann an Stèinis, faisg air Steòrnabhagh.