Inbhe Thèarainnte aig a' Mharaig Dhuibh

Maragan Dubha Steòrnabhaigh Image copyright Other
Image caption Tha an aon inbhe a-nis aig Marag Dhubh Steòrnabhaigh 's a th' aig Champagne.

Fhuair Marag Dhubh Steòrnabhaigh inbhe thèarainnte.

Bhuilich an Coimisean Eòrpach an t-inbhe air a' Mharaig às dèidh strì mhòir bho bhùidsearan a' bhaile a bha a' gearain gun robh maragan nach buineadh dhan bhaile gan reic mar "Mharag Steòrnabhaigh" no "marag ann an stoidhle Steòrnabhaigh".

Chuir Rhoda Ghrannd BPA taic ris an iomairt.

A-nis, ma cheannaicheas duine Marag Dhubh Steòrnabhaigh, bidh fios aca gur ann à Steòrnabhagh a thàinig i.

'S e an aon seòrsa inbhe 's a th' aig Champagne agus Càis Pharmesan, 's tha e a' ciallachadh nach fhaod duine Marag Dhubh Steòrnabhaigh a ghabhail air maraig mur a deach a dèanamh anns a' bhaile fhèin, no ann am paraiste Steòrnabhaigh.