Cùis mhuirt Liam Aitchison a' leantainn

Leanaidh cùis-lagha Diciadain an aghaidh dithis fhireannach a tha fo chasaid gun do mhuirt iad deugaire ann an Leòdhas.

Thathas a' cur as leth Ionatain MhicFhionghuin agus Stefan Millar, a tha le chèile 22, gun do mharbh iad Liam Aitchison, a bha 16, san t-Samhain 2011.

Chuala an Àrd-Chùirt ann an Glaschu air a' chiad là den chùis, Dimàirt, bho Ellen NicIllInnein, a tha 17, agus a' fuireach ann an Steòrnabhagh.

Thuirt i gur ise an leannan a bh' aig Liam, agus gun robh i air a bhith còmhla ris fad mìos.

Ann an aithisg chun nam Poileas anns an Dùbhlachd 2011, thuirt Ellen gun robh i air cluinntinn gun do dh'fhàg Stefan Millar Liam ann an dìg, agus dh'fhaighnich i carson a rinn e sin.

Nuair a chaidh a ceasnachadh Dimàirt, thuirt i nach robh cuimhne aice air sin.

Chuala a' Chùirt cuideachd bho Warren MacAoidh, a tha 24 agus a' fuireach ann an Steòrnabhagh.

Dh'innis esan dha na Poilis san Dùbhlachd 2011 gun do bhruidhinn e ri Stefan Millar, agus gun tuirt Stefan gun robh argamaid ann eadar e fhèin, Liam agus Ionatan.

Thòisich iad a' sabaid, thuirt e, agus chaidh Liam dhan dìg.

Ach thuirt Stefan gun do dh'èirich e a-mach às an dìg.

Tha Stefan Millar agus Ionatan MacFhionghuin fo chasaid gun tug iad ionnsaigh air Liam le botal agus sgian, gun do bhreab iad e gu dona mu a cheann, agus gun do mhuirt iad e.

Tha an dithis a' dol às àicheadh nan casaidean.

Tha a' chùis a' leantainn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo