Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

8 An Cèitean 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Òraid na Bàn-rìghinn

Tha planaichean an Riaghaltais airson na bliadhna seo tighinn gam foillseachadh an-diugh ann an Òraid na Bàn-rìghinn an ceann uair de thìde, agus i a' fosgladh seisein ùir na Pàrlamaid. Am measg rudan eile tha dùil ri bile airson gum bi e nas fhasa eucoirich à dùthchannan eile a chur a-mach às an dùthaich seo, agus feadhainn a th' air tighinn a Bhreatainn gu mì-laghail. Dh'innis am Prìomhaire, Dàibhidh Camshron, gum bi reachdas ann cuideachd airson peinnseanan agus cùram sòisealta.

Ohio

Tha Poilis sna Stàitean Aonaichte ag ullachadh chasaidean an aghaidh triùir bhràithrean a thug triùir bhoireannach òg am bruid agus a chùm mar phrìosannaich iad ann an taigh ann an Cleveland ann an Ohio. Chaidh na boireannaich a shaoradh Diluain, cha-mhòr 11 bhliadhna bho chaidh iad a dhìth, gun dùil riutha ach gun robh iad marbh.

Bàs Gunna-froise

Chaochaill fear às na Crìochan a bha 23 bliadhna de dh'aois an dèidh a dhroch leòn le gunna-froise. Chaochaill an duine san ospadal ann an Hamhaig. Thuirt Poilis gu bheil an rannsachadh aca aig ìre thràith.

Marag Dhubh Steòrnabhaigh

Fhuiar Marag Dhubh Steòrnabhaigh inbhe thèarainnte, ga cur còmhla ri leithid Pasty a' Chùirn agus Champagne na Frainge. Thàinig an riaghladh bho Choimisean na h-Eòrpa ceithir bliadhna bho chaidh tagradh an toiseach. Tha seo a' ciallachadh nach urrainn ainm Marag Dhubh Steornabhaigh a chleachdadh ach do mharag a chaidh a dhèanamh ann an sgìrs Steòrnabhaigh.

Liam Aitchison

Leanaidh cùis-lagha an-diugh an aghaidh dithis dhaoine a tha fo chasaid gur iad a mhuirt deugaire ann an Leòdhas. Tha Ionatan MacFhionghain agus Stefan Millar, a tha le chèile 22 bhliadhna de dhaois, fo chasaid gun do mharbh iad Liam Aitchison, a bha 16, faisg air Steòrnabhagh anns an t-Samhain ann an 2011.

Cumhachd Ath-nuadhachail

Chaidh rabhadh gur dòcha gu bheil cus chompanaidhean a' dol an sàs ann an cumhachd ath-nuadhachail an Alba, 's gum faodadh sin dìoladh air a' ghnìomhachas air a' cheann thall. Thug an t-eòlaiche air cumhachd uaine, Murchadh Moireach, seachad a bheachd an dèidh na naidheachd mun phlana airson seann ghàradh ola Àird nan Saor a leasachadh airson innleachd a thogail do thuathan-gaoithe aig muir.