Binn beatha do dh'fhear ciorramach

Chaidh binn beatha prìosain air fear ciorramach às Inbhir Nis a mharbh caraid dha le bhith ga shàthadh le sgithinn agus ga stampadh gu bàs.

Fhuaireas Raibeart MacGilleBhrath ciontach de mhurt Mark Hunter air a mhìos a chaidh aig an Ard-Chùirt ann an Dùn Eideann.

Chuala a' chùirt gun do dh'fheuch Mgr Hunter ri branndaidh MhicGhilleBhrath a ghoid.

Chaidh innse do MhacGilleBhrath, a tha 50, gun cur e co-dhiù sia bliadhna deug seachad fo ghlas.

Tha dùil nach bidh e beò ach còig bliadhna eile ge-tà, agus gum bàsaich e anns a' phrìosan.