Cha dèanar ath-sgrùdadh air Roghainn 6

Cha tèid ath-sgrùdadh a dhèanamh air na roghainnean airson ceangal-rathaid an iar Inbhir Nis.

Bha còignear de chomhairlichean a' bhaile air gluasad a chur air adhart airson ath-sgrùdaidh, às dèidh na connspaid mhòir a bh' ann mun t-slighe a chaidh a thaghadh.

Chaill iad a' bhòt ge-tà, 66 bhòtaichean gu 6.

Tha an luchd-strì ag ràdh gur e briseadh-dùil mhòr a bh' ann dhaibh ach gun lean an cuid iomairt.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile