Norovirus air Ghàidhealtachd

Ospadal an Ràthaig Mhòir
Image caption Chaidh Uàrd 3C ann an Ospadal an Ràthaig Mhòir a dhùnadh air sgàth a' ghalair

Tha Urras NHS na Gàidhealtachd air trì ospadalan beag coimhearsnachd agus uàrd lannsa ann an Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis a dhùnadh air sgàth 's mar a tha tinneas dìobhairt a' gheamhraidh air sgapadh annta.

Chaidh an t-ospadal ann an Inbhir Narainn a dhùnadh Diardaoin, 's an tinneas air tighinn air còignear ann.

Chaidh Uàrd 3C ann am prìomh ospadal na Gàidhealtachd a dhùnadh Dihaoine 's dithis euslainteach a' fulaing leis.

Dhearbh deuchainnean gur e Norovirus a th' orra.

Bha an tinneas cuideachd air buaidh a thoirt air cuid de luchd-obrach nan ospadalan.

Sgapadh

Chaidh Ospadal Inbhir Ghòrdain, anns nach eil ach an aon uàrd, a dhùnadh Diardaoin.

Chaidh ospadal Ghoillspidh cuideachd a dhùnadh do dh'euslaintich ùra ach cha deach a dhearbhadh fhathast gur e Norovirus a th' air an fheadhainn a tha tinn an sin.

Tha NHS na Gàidhealtachd ag iarraidh air daoine air a bheil an tinneas air a bhith bho chionn dà là gin a thighinn a-steach dhan na h-ospadalan.

Thathas a' comhairleachadh do dhaoine air a bheil e fuireach a-staigh agus bùrn 's paracetamol a ghabhail gus fiabhras sam bith a chumail fo smachd.