Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

13 An Cèitean 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Referendum

Thuirt Leas Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, gu bheil an iomairt airson neo-eisimileachd air chomas bhòt fhaighinn bhon mhòr-chuid de shluagh na h-Alba, ach dh'aidich i gu bheil na h-uimhir aca ri dhèanamh fhathast. Tha ise a' foillseachadh poileasaidh ùr an-diugh 'san iomairt ron referendum an ath-bhliadhna. Aig an aon àm, tha seann Phrìomhaire na Rìoghachd Aonaichte, Gòrdan Brown, a' dol an sàs anns an deasbad agus esan a' cur air bhonn iomairt nan Làbarach airson an Aonaidh.

Malairt

Tha Dàibhidh Camshron anns an Stàitean Aonaichte airson còmhraidhean ris a' Cheann-suidhe Obama mu mhalairt shaor a stèidheachadh eadar Ameireaga agus an t-Aonadh Eòrpach. Tha sin a' ciallachadh nach bi am Prìomhaire aig bhòt ann an Taigh nan Cumantan an-earar air plana Tòraidh airson referendum air an Aonadh Eòrpach.

Gàidhlig

Bhiodh an ceathramh cuid a ghabh pàirt ann an rannsachadh air a' Ghàidhlig deònach an cuid chloinne a chur gu foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Thuirt còrr 's trì chairteal gu bheil an cànan cudromach do dhualchas na h-Alba. Ach chan eil an rannsachadh cho misneachail a thaobh cho deònach 's a bhiodh daoine tuilleadh airgid phoblaich a chosg air a' Ghàidhlig.

Saoradh

Chaidh Chris Huhne, a bha na bhall 'sa chabineat Tòraidh, agus a bhean a bha aige, Vicky Pryce, a shaoradh às a' phrìosan 'sa mhadainn an-diugh. Chaidh binn prìosan orra le chèile anns a' Mhàirt airson bacadh a chur air ceartas nuair a ghabh ise puingean dràibhidh às a leth ann an 2003, nuair a bha iad fhathast pòsda.

Pagastan

Tha Nawaz Sharif ag ullachadh airson a dhol na Phrìomh Mhinistear ann am Pagastan airson an treas turas agus esan a' cumail a-mach gur e a shoirbhich ann an taghadh pàrlamaid na dùthcha. Tha àireamhan, air nach tàinig dearbhadh oifigeil fhathast, ag ràdh gu bheil e am pàrtaidh aigesan, Lìog Muslim Phagastan, beagan goirid air mòr-chuid anns a' phàrlamaid.

Geamachan a' Cho-Fhlaitheis

Dh'innis stiùrichean Geamachan a' Cho-Fhlaitheis ann an Glaschu an ath-bhliadhna gum bi dà thrian de na tiocaidean rin ceannach air £25 air neo nas lugha. Gheibh clann agus daoine aig aois peinnsean an-staigh gu farpaisean air leth na prìse.