An Gleann a-mach à Cupa MhicAmhlaidh

Gleann Urchadain
Image caption Bhuannaich iad Cupa MhicAmhlaidh an-uiridh, ach cha do mhair Gleann Urchadain ro fhada ann am farpais na bliadhna seo.

Chaill Gleann Urchadain grèim air Cupa MhicAmhlaidh is iad a' dol a-mach anns a' chiad chuairt ann am farpais na bliadhna seo.

Bha gàirdeachas mòr ga dhèanamh sa Ghleann an-uiridh nuair a thug iad pronnadh air Camanachd an Òbain sa chuairt dheireannaich, 6-0.

B'e sin a' chiad duais mhòr a bhuannaich Gleann Urchadain a-riamh.

Bha fios aca ro-làimh gun robh dùbhlan gu bhith aca am bliadhna nuair a chaidh an taghadh air falbh an aghaidh nan nàbaidhean, Lòbhat.

Chaidh an Glean air thoiseach às dèidh seachd mionaidean tro Neale Reid ach chuir Màrtainn Mainland tadhal do Lòbhat 'son an geama fhàgail aig 1-1 aig letheach ùine.

'S iad sgioba Druim na Drochaid a chaidh air ais air thoiseach dìreach às dèidh uair a thìde, an tadhal an turas seo bho Dhàibhidh Smart.

Chuir trì tadhail ann an trì mionaidean às dhaibh ge-tà, Greg MacMhathain (75, 78) agus Caoimhin Bartlett (76) a' cur Lòbhat troimhe dhan ath-chuairt.

Duais

Tha sgioba Cill Taraghlain fhathast gun gheama a chall am bliadhna is bidh sùil acasan air co-dhuibh aona duais a thogail anns na mìosan ri tighinn.

Bha dùil ri geama faisg ann an dearbaidh Loch Abair ach air a' cheann thall bha An Gearasdan ro mhath do Chill Mhàillidh.

Thàinig na tadhail air fad san darna leth is an Gearasdan 3-0 air thoiseach mus do chuir Mark Greumach tadhal do Chill Mhàillidh.

Chuir Gary Innes tadhal às dèidh sin - an darna tadhal aige fhèin den là - is chrìochnaich an geama 4-1.

Bha là sònraichte aig Ceann Loch Seile, a ghlèidh 4-3 ann an Ceann a' Ghiuthsaich.

'S e Gordie Dòmhnallach an gaisgeach dhan sgioba bhon chosta siar le trì tadhail.

Chuir e na sgiobaidhean co-ionnan aig 3-3 le cairteal na h-uaireach ri dhol, is an uairsin an tadhal cudromach anns na diogan mu dheireadh gus Ceann Loch Seile a chur troimhe.

Chaidh Bail' Ùr an t-Slèibh air adhart gun strì, 5-0 aig an taigh an aghaidh Loch Abair, is Danny MacRath le trì dhuibh.

Ro mhath

Aig deas chaidh an geama eadar Inbhir Aora is Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal a ghluasad dhan bhaile mhòir, ach bha an sgioba à Loch Fìn fhathast cus ro mhath.

Chuir Garry Mac a' Phearsain a dhà is fear bho Eoghan MacMhurchaidh a' fàgail gur a 3-0 a bh' ann air a' cheann-thall.

Rinn Camanachd an Òbain a' chùis 4-0 air Gleann Urchaidh - a chrìochnaich an geama le dìreach deichnear - ach chaidh na geamaichean eadar Eilean Bhòid is Caol Bhòid agus Celtic an Òbain is Taigh an Uillt a chur dheth.

Bha aon geama ann an Cupa na Camanachd is A' Mhanachainn a' dol troimhe 5-2 an aghaidh Shrath Ghlais.

Ann an Lìog Tuath 1 tha an t-Eilean Sgitheanach a-nise dìreach puing air cùlaibh air Cill Mhàillidh is A' Mhanachainn aig a' mhullach, às dèidh dhaibh buannachadh gu furasta 5-0 an aghaidh Inbhir Nis.

Ann an Lìog Tuath 3, chluich Camanachd Leòdhais aig an taigh 'son a' chiad uair am bliadhna.

'S e theab is nach do theab a bh' ann dha na Lèodhasaich a-rithist, is iad a' call 4-3 ann an geama teann an aghaidh Chabair Fèidh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile