Còir laghail air foghlam Gàidhlig?

Sgoilearan
Image caption Nochd an sgùdadh gum bu mhiann le tòrr phàrantan air feadh Alba an cuid chloinne a chur tro fhoghlam Gàidhlig.

Dh'iarr fear a tha ag iomairt às leth na Gàidhlig gum biodh còir laghail aig pàrantan foghlam tro mheadhan na Gàidhlig fhaighinn dhan chuid chloinne.

Bha Art MacCarmaig - a bha roimhe na chathraiche air Bòrd na Gàidhlig - a' bruidhinn às dèidh rannsachadh sealltainn gum biodh 25% de dhaoine a chaidh a cheasnachadh deònach an cuid chloinne a chur tro fhoghlam Gàidhlig nam biodh an cothrom aca.

Nochd na figearan ann an sgrùdadh Beachdan a' Phobaill air a' Ghàidhlig ann an Alba a rinn Oilthigh Dhùn Èideann, Soillse agus ScotCen Social Research.

"Tha mi a' smaoineachadh nam biodh ìmpidh air comhairlean foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a thoirt seachad ann an suidheachaidhean a tha ainmichte ann an dòigh, tha mi a' smaoineachadh gur e sin a tha a dhìth an seo.

"Gealltanas"

"Tha Riaghaltas na h-Alba air gealltainn gun tachradh seo agus 's e mo thuigse gu bheil iad a' coimhead ri seo a thoirt air adhart ann an lagh ro dheireadh na pàrlamaid seo.

"Dh'fheumadh an còir laghail seo a bhith reusanta - chan urrainn do dhuine sam bith a ràdh, ma thig aona phàrant gu ruige comhairle ann an sgìre nan Crìochan mar eisimpleir, gum bu chòir dhaibh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig fhaighinn ma tha iad ga iarraidh.

"Ma tha a' chòir laghail sin ag ràdh gu bheil dleasdanas air comhairle foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a thoirt seachad nan tigeadh ceathrar phàrantan air adhart ag iarraidh sin, tha mi a' smaoineachadh gu bheil sin reusanta gu leòr.

Thuirt Mgr MacCarmaig cuideachd nach eil an suidheachadh le cion thidsearan le Gàidhlig cho dona sa tha cuid a' cumail a-mach.

Thuirt e gu bheil tidsearan gu leòr le Gàidhlig a tha an-dràsta ag obair air taobh na Beurla.

Gàirdeachas

Rinn a' chiad cheannard a bh' air Bòrd na Gàidhlig, Ailean Caimbeul, gàirdeachas ri toradh an rannsachaidh.

'S e dearbhadh a th' ann, thuirt e, gu bheil a' Ghàidhlig "ag àbhaisteachadh" agus "gu bheil mòr-shluagh na h-Alba nas comhurtaile leis a' chànan na bha iad a-riamh roimhe".

Thuirt e gu bheil craoladh gu ìre mhòr a bu choireach son sin ach gu bheil leithid soidhnichean Gàidhlig, planaichean Gàidhlig is ceòl air buaidh a thoirt air cuideachd.

"Tha mi a' smaoineachadh gum bu chòir am fiosrachadh a tha seo a bhith air a thoirt am follais cho fada is cho farsaing a ghabhas", thuirt Mgr Caimbeul.

"Tha e uabhasach cudromach gu bheil na daoine a tha ann an cumhachd ann am poileataics mothachail air, ach tha mi a' smaoineachadh gu bheil e fiù 's nas cudromaiche buileach - gu bheil e deatamach - gum bi na seirbheisich chatharra is na daoine a tha air cùl nan rudan a tha a' tachairt ann an saoghal poileataics, gu bheil iadsan a' tuigsinn agus a' faicinn agus a' creidsinn an adhartais a tha a' tighinn a thaobh na Gàidhlig", thuirt e.

Feumar a-nis coimhead ri airgead a bharrachd dhan Ghàidhlig, thuirt Mgr Caimbeul.

Misneachail

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gu bheil iadsan misneachail mun rannsachadh - ach gum feum ùghdarrasan ionadail agus an Riaghaltas barrachd a dhèanamh dhan chànan.

Thuirt am fear-gairm, Tormod Dòmhnallach, gu bheil feum air barrachd dhaoine a bhrosnachadh son a dhol an sas ann an teagasg.

Dh'iarr e cuideachd gun tèid barrachd a dhèanamh sa choimhearsnachd.

"Feumaidh sinn na coimhearsnachdan fhèin a bhrosnachadh fon 's ann a-mach anns na coimhearsnachdan a tha na feumalachdan a' tighinn gu ìre mhòr", thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo