Corp ga lorg ann an Loch Abar

Dhearbh na poilis gun deach corp fireannaich a lorg le sgiobaidhean teasairginn a bha a' sireadh duine ann an sgìre Drochaid Ruaidh.

Chan fhacas Maurice Camshron, 61, bho Dhihaoine.

Thuirt na poilis gun deach corp a lorg ann an Inbhir Ruaidh feasgar Dimàirt.

Thuirt iad nach urrainn dhaibh ainm an duine fhoillseachadh gus an tèid fios a chur gu theaghlach.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile