Cobhair ga dhèanamh air sreapadair

Rinneadh cobhair air sreapadair a thuit ann an Toirbheartan.

Fhuair na poilis fios aig 2.35f Dimàirt gun robh an duine air tuiteam air Liathach.

Chaidh sgiobaidhean teasairginn Thoirbheartain is Chinn Tàile an sàs, le taic bhon RAF.

Chaidh an duine, 79, a thoirt le heileacoptair gu Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis.

Thuirt na poilis nach eil e ann an cunnart a bheatha.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile