Cha tèid an Record à bith

Tallla na h-Eaglaise Saoire
Image caption Tha an Eaglais Shaor a-nis a' feuchainn ri brath a ghabhail air dòighean-conaltaidh ùr, a thuilleadh air na meadhanan traidiseanta

Tha an Eaglais Shaor ag ràdh nach eil càil a dhùil aca cuir às dhan iris mhìosail aca, an Record, a dh'aindeoin 's gur ann a tha mòran dhaoine a-nis a' coimhead ris an eadar-lìon airson fiosrachadh fhaighinn.

Na h-aithisg a thig air beulaibh àn àrd-sheanaidh an ath-sheachdainn, tha comataidh chonaltraidh na h-eaglaise a' togail cheist mu dè an dòigh as fheàrr fiosrachadh a sgaoileadh.

Thuirt an t-Urr Ìomhar Màrtainn bhon Eaglais Shaoir gum feum iad sùil às ùr a thoirt air mar a tha iad a' sgaoileadh fiosrachaidh ann an linn nam meadhanan didsiteach.

Saoghal ùr

"'S e sin obair na h-eaglaise, a bhith a' cur a-mach fiosrachaidh. Anns an là anns a bheil sinn beò, tha sinn a' ceasnachadh nan dòighean anns am bu chòir dhuinn a bhith a' dèanamh sin", thuirt e.

Thuirt e gu bheil tòrr dhaoine a-nis a' sùileachadh an cuid fiosrachaidh fhaighinn anns a' bhad, seach a bhith a' feitheamh gus an tig irisean agus pàipearan naidheachd a-mach.

Ghabh e ris ge-tà gu bheil cuid mhath taobh a-staigh na h-eaglaise nach bi a' cleachdadh an eadar-lìn agus a tha fhathast an crochadh air leithid an Record.

Tha an iris cuideachd a' leigeil le daoine aithisgean nas fhaide a leughadh mar a bhios an cothrom aca, thuirt e.

Thuirt Mgr Màrtainn gu robh e an dòchas gun seasadh an Record airson ùine mhòr fhathast.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile