Sgrùdadh mu cheanglaichean adhair ùra

Ceann Loch Cille Chiarain
Image caption Tha seirbheis ùr eadar an t-Òban agus Ceann Loch Cille Chiarain a-measg an fheadhainn air am faodar beachd a thoirt

Tha a' bhuidhean chòmhdhail Hitrans ag iarradh air gnothachasan agus air a' phoball am beachd a thoirt air trì seirbheisean adhair ùr a dh'fhaodadh tòiseachadh eadar na h-Eileanan Siar, Cinn Tìre agus Glaschu.

'S ann air seirbheisean eadar an t-Òban agus Barraigh, an t-Òban agus Glaschu agus an t-Òban agus Ceann Loch Cille Chiarain a tha beachdan gan sireadh.

Tha Hitrans airson dearbhadh dè cho dualtach 's a bhiodh daoine na seirbheisean sin a chleachdadh.

Tha an sgrùdadh, anns am faodar pàirt a ghabhail air loidhne, cuideachd a' faighneachd mar a ghabhas piseach a thoirt air an t-seirbheis eadar Glaschu agus Barraigh.

Thig an sgrùdadh gu ceann air an 10mh là dhen Og-mhìos.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile