Brittain air ais anns an t-samhradh

Richie Brittain Image copyright SNS
Image caption Chaidh Richie Brittain a ghoirteachadh Didòmhnaich.

Thuirt sgiobair Ross County, Richie Brittain, gu bheil e an dòchas a bhith fut 'son tillleadh gu trèanadh anns an t-samhradh.

Chaidh Brittain a thogail far na pàirce sa gheama eadar County is Tobar na Màthar Didòmhnaich, is dragh ann gun robh e air a ghoirteachadh gu dona.

"Chan eil an gnothach cho dona sa bha mi an dùil an toiseach", thuirt Brittain air twitter.

"Bidh mi air ais anns t-samhradh 'son trèanadh 'son an t-seusain ùr", thuirt e.

Chan eil e fhathast follaiseach ge-tà càite am bi Brittain a' trèanadh.

Chuir e ainm mar-thà ri ro-chùmhnant còmhla ri St.Johnstone ach tha Brittain air ainse bhon uairsin gu bheil e airson cur às dhan aonta.

Thuirt St.Johnstone gu bheil iad an dùil gun cum Brittain ris an ro-chùmhnant.

Rèiteach

Thuirt manaidsear Chounty, Derek Adams, gu bheil e an urra ri Brittain rèiteach a ruighinn ri St.Johnstone.

Tha Adams fhathast an dòchas gun crìochnaich County sa cheathramh àite san lìog.

Cluichidh County an aghaidh Chaley Thistle Didòmhnaich air an là mu dheireadh den t-seusan.

"Se là sònraichte a bhios ann", thuirt Adams.

"Tha sinn an dòchas gun dèan sinn a' chùis agus gun caill St.Johnstone an geama acasan, is gum faigh sinn dhan cheathramh àite", thuirt e.

Tha sgioba Inbhir Nis ag amas air na trì puingean gus an treas àite - agus àite Eòrpach - a ghlèidheadh.