Trioblaid le sgudal air a' Ghàidhealtachd

Bin sgudail
Image caption Chaidh aontachadh gun tèid cumhachdan a thoirt do luchd-obrach Comhairle na Gàidhealtachd càintean a chur air feadhainn a dh'fhàgas sgudal às an dèidh.

Chaidh aontachadh cumhachd a thoirt do bharrachd de luchd-obrach Comhairle na Gàidhealtachd peanasan a chur air feadhainn a dh'fhàgas sgudal às an dèidh.

Bhathas a' beachdachadh air trioblaid an sgudail aig coinneimh de Chomataidh Chòmdhail, Àrainneachd agus Seirbheisean Coimhearsnachd na Comhairle Diardaoin.

Ann an aithisg a chaidh air beulaibh chomhairlichean, thuirt oifigearan gu bheil beachd ann gu bheil an trioblaid le sgudal a' fàs nas miosa ann an cuid de dh'àitean.

Tha a' Chomhairle a' feuchainn ri smachd fhaighinn air na tha de sgudal air na sràidean, agus cuideachd an trioblaid a th' ann le salachar choin.

Càintean

Dh'aontaich iad gum bi cumhachd aig tuilleadh de luchd-obrach na Comhairle càintean a chur air feadhainn a dh'fhàgas sgudal.

Thuige seo, chan fhaod ach a-mhàin oifigearan comhairle a chaidh fhastadh a dh'aona-ghnothaich airson seo càintean a chur air daoine.

'S ann air air Inbhir Nis agus air bailtean mòr eile air a' Ghàidhealtachd a bhios an iomairt ùr ag amas gu sònraichte.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile