Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

16 An Cèitean 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Referendum

Fhuair iomairt bile 'son referendum fhaighinn air ballrachd Bhreatainn san EU spionnadh san uair a thìde mu dheireadh. Chaidh ainm an Tòraidhich Seumas Wharton, a tha an aghaidh an EU, a tharraing à baileat anns na Cumantan a leigeas leis an reachdas aige fhèin a chur air adhart. Tha a h-uile coltas ann gu roghnaich e gabhail ri dreach bhile a' phàrtaidh aige 'son referendum.

Amazon

Sheall cunntasan na buidhne rèic Amazon gun do phàigh a' mheur Bhreatannach dhan bhuidhinn £2.4 muillean ann an cìsean corporra an-uiridh - an dèidh dhaibh luach còrr is £4 buillean a reic. Sin nas lugha na 0.1% - an aon shuim a fhuair iad ann an tabhartas bho Riaghaltas na h-Alba son a' ghnothachais aca ann an Guireag agus Dùn Phàrlain a leudachadh. Thuirt Amazon gun do phàigh iad na cìsean a dh'fheumadh iad.

Càbal

Thuirt fear-gairm Comhairle nan Eilean Siar gur e briseadh dùil a th' ann nach tèid càbal dealain ùr a' ceangal nan Eilean gu tìr-mòr an sàs gu co-dhiubh 2017 - agus nach eil adhbhar ann - na bheachdsan - nach tèid òrdughan dhan chàbal a-steach san aithghearrachd. Bha Tormod Dòmhnallach a' bruidhinn an dèidh SHE Transmission innse nach b'urrainn dhaibh càball a chur an sàs gu co-dhiubh ceithir bliadhna eile. 'S e bu choireach, a rèir na companaidh, nach deach aonta a ruighinn eadar an dà riaghaltas mu ciamar a bu chòir pàigheadh air a shon.

Siria

Chunnaic am BBC fianais a tha - a rèir choltais - a' cur ri casaidean gun deach ionnsaigh cheimigeach a dhèanamh air baile Saraqeb ann an ceann a tuatha Shiria air a' mhìos a chaidh. Thuirt luchd-fianais agus feadhainn a chaidh a ghoirteachadh gun tàinig co-dhiubh dà inneal anns an robh gas puinnseanta à heileacoptairean leis an riaghaltas. Tha an riaghaltas a' dol às àicheadh gun do chleachd iad armachd cheimigeach.

Caol Reatha

Dh'fhaodadh sgeama ceithir crainn cumhachd mara a chur ann an Caol Reatha eadar an t-Eilean Sgiathannach agus tìr-mòr beatha dhaoine a chur ann an cunnart, a rèir fear a bha na sgiobair air bàt-aiseig sa sgìre. Tha Ruairidh MacLeòid am measg mhòran a thog dragh aig coinneamh phoblach ann an Caol Àcainn an-raoir mu phlana Marine Current Turbines. Thuirt feadhainn gun robh iad toilichte gun robh Buidheann nam Maor-cladaich air cur an aghaidh an sgeama, ach gun robh dragh orra fhathast gun deadh e air adhart.

Taigh-òsta

Chaidh planaichean 'son taigh-òsta ùr air talamh bàn an cois na h-aibhne ann an Inbhir Nis a thaisbeanadh. Tha a' bhuidheann Carlton Rock, stèidhichte ann an Obair Dheathain airson taigh-òsta, le sia ùrlar, a chur ri taobh Drochaid Friar, far an do chleachd Amar-snàimh Sràid Glebe a bhith. Bhiodh 160 seòmar-cadail, seòmar co-labhairt, seòmraichean coinneimh, agus gym.