Drogaichean gan lorg an Loch Abar

Poilis
Image caption Chaidh an duine a chur an grèim mar phàirt de dh'Iomairt Regiment ann an Loch Abar.

Fhuair na poilis lorg air drogaichean mì-laghail luach £30,000 ann an Loch Abar.

Bha seo mar phàirt de 'dh'Iomairt Regiment', a tha ag amas air drogaichean mì-laghail anns an sgìre.

Dh'innis na poilis gun do chuir iad stad air dràibhear air an A82 faisg air Gleann Comhann Diciadain.

Fhuair iad cocaine sa chàr aige.

Chaidh duine, 51, às a' Ghearasdan a chur an grèim is thèid aithisg a chur gu Neach-Casaid a' Chrùin.

Tha dùil gun nochd an duine anns a' chùirt Dihaoine.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile