Là mòr do bhall-coise aig tuath

County is ICT Image copyright SNS
Image caption Tha Ross County is Caley Thistle a-nise am measg phrìomh sgiobaidhean na h-Alba, is gun fiùs fichead bliadhna ann bho thàinig iad a-steach dhan Treas Roinn.

Thig seusan an SPL gu ceann Didòmhnaich le geama eachdraidheil ann an Inbhir Pheofharain, geama a tha a' sealltainn ann am beachd mhòran mar a tha cumhachd ann am ball-coise na h-Alba air sgaoileadh gu tuath.

Thèid Caley Thistle gu Pàirc Bhictoria is fios aca gum faigh iad an treas àite san lìog - agus an t-àite Èorpach a tha na chois - ma nì iad a' chùis air na nàbaidhean aca.

Abair gur e clach-mhìle a bhiodh ann do sgioba Inbhir Nis, a tha air sreap gu mullach a' gheama ann an Alba bho chaidh an cruthachadh ann an 1994, is seann nàimhdean Caley is Thistle a' dol còmhla.

Cothrom

'S e là mòr a bhios ann do Ross County iad fhèin, is cothrom acasan air crìochnachadh sa cheathramh àite san SPL anns a' chiad sheusan aca san lìog.

Tha na Staggies cuideachd air adhartas do-chreidsinneach a dhèanamh bho chaidh iadsan a-steach do Lìog na h-Alba ann an 1994.

A rèir mhanaidsear Chaley Thistle, Terry Butcher, tha an dà sgioba air cliù a chosnadh dhaibh fhèin agus dhan Ghàidhealtachd.

Ionmhalta

"Às dèidh a' gheama seo Didòmhnaich, faodaidh an dà chluba coimhead air ais air na rinn iad air an t-seusan seo agus a ràdh gu bheil iad air obair ionmhalta a dhèanamh.

"Tha dòchas mòr ann son na ath-bhliadhna agus na bliadhnaichean ri teachd cuideachd", thuirt e.

Tha Butcher am measg na tha ag ràdh gu bheil guth glè làidir a-nise aig na sgiobaidhean Gàidhealach ann am ball-coise na dùthcha.

Cumhachd

"Tha tòrr den chumhachd sa gheama air gluasad dhan Ghàidhealtachd", thuirt e.

"Seall air na rinn Ross County an aghaidh Celtic. Rinn sinn fhin a' chùis air Celtic aig Parkhead", thuirt e.

Thuirt am manaidsear gu bheil an dearbaidh Gàidhealachd a-nise am measg phrìomh gheamaichean na spòrs ann an Alba, is gur e dearbaidh air leth a th' ann gun cuid de na rudan mì-thlachdmhor a tha a' nochdadh ann an geamaichean eile.

Old Firm

"Tha e coltach ris a' gheama Old Firm - ach aonais na th' acasan a thaobh chreideimh.

"Tha an luchd-leantainn ag obair còmhla, tha cuid aca a' tighinn bho na h-aon teaghlaichean.

"Bidh naimhdeas gu leòr ann Didòmhnaich, ach bidh e seachad aig deireadh a' gheama", thuirt e.