Duine marbh às dèidh tubaist rathaid

Chaidh fireannach òg a mharbhadh ann an tubaist rathaid ann an Siorrachd Inbhir Nis oidhche Dhiardaoin.

Thachair an tubaist air rathad Obar Chaladair an Iar faisg air Goirtlig, beagan às dèidh 6f.

Bhual bhan ann am fear air baidhseagal.

Chaochail duine, 21, aig làrach na tubaist.

Tha na poilis a' sgrùdadh na cùise is dh'iarr iad air duine sam bith le fiosrachadh brath a chur thuca.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile