A' cuimhneachadh air Calum Cille

Abaid a stèidhich Colm Cille air Eilean Ì
Image caption Thug Calum Cille buaidh mhòr air beatha spioradail na h-Alba fad linntean.

Chumar tachartas air Eilean Ì aig an deireadh-sheachdain a' comharrachadh 1450 bliadhna bho thàinig Calum Cille a dh'Alba.

'S ann air abaid a stèidhich e air an eilean a rinn e a dhachaigh.

Tha Ciorstaidh NicDhòmhnaill bho Alba Aosmhor ga meas cudromach gun tèid cuimhneachadh air dileab an naoimh Èireannaich.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil an t-ainm aige air tighinn sìos tro na linntean agus tha cuimhne aig daoine air," thuirt i.

"Tha Eilean Ì an còmhnaidh air a bhith gu math coisrigte tha mi a' smaoineachadh 's taisdealaich a' tighinn bho air feadh an t-saoghail gu Eilean Ì airson beagan de naomhachd Chaluim Chille fhaighinn dhaibh fhèin".

Am measg na h-obrach a chaidh a dhèanamh airson an ceann-bliadhna a chomharrachadh, tha taisbeanaidhean ùra aig abaid an eilein.

Chaidh cuideachd seann shnaigheadh cloiche a bh' ann an Eilean Ì a chàradh, 's a thilleadh dhan eilean.

Tha dùil gun deach Crois an Naoimh Òdhrain a chruthachadh san 8mh Linn 's i air snaigheadh le seallaidhean bhon Bhìoball 's eile.

Bha i ann an còig pìosan, ach às deidh do dh'obair càraidh a bhith air a dèanamh oirre, bidh i a-nis air a taisbeanadh slàn airson a' chiad turais bho chionn linntean.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile