Geamaichean mòra aig deas is tuath

Bail' Ùr an t-Slèibh Image copyright Neil G Paterson
Image caption Bhuannaich Bail' Ùr an t-Slèibh Cupa MhicThàimhais an-uiridh.

Thig fios aig an deireadh-sheachdain cò na sgiobaidhean iomain a bhios a' cluich anns na ciad chuairtean deireannach mòra den t-seusan.

Aig tuath thèid Bail' Ùr an t-Slèibh an aghaidh Ghlinn Urchadain 'son àite ann an cuairt dheireannach Chupa MhicThàimhais.

Bhuannaich am Bail' Ùr an cupa an-uiridh is abair gu bheil iad ann an sunnd am bliadhna is iad fhathast gun gheama a chall.

Cha tèid an Gleann do Bhàideanach gun dòchas idir ge-tà, oir b' ann air èiginn a rinn am Bail' Ùr an gnothach orra aig an ìre seo den fharpais an-uiridh.

Chrìochnaich an geama ud 2-2 agus am Bail' Ùr mu dheireadh thall a' dol troimhe air slaicean-peanais.

Fàilte

Sa gheama eile ann an Cupa MhicThàimhais thèid Lòbhat gu Caol a' Ghearasdain is Cill Mhàillidh a' cur fàilte orra.

'S iad Lòbhat an aon sgioba eile nach eil e air geama a chall am bliadhna, is bidh iad a' coimhead ris a seo mar chothrom air leth gus cuairt dheireannach Cupa MhicThàimhais a ruighinn son a' chiad turas bho 1976.

B'e Bail' Ùr an t-Slèibh a bha iad a' cluich an là sin, is cò chanadh nach e sin a' chuairt dheireannach a bhios againn am-bliadhna.

Aig deas bithear a' farpais 'son àite ann an cuairt dheireannach Cupa Comann Ceilteach Ghlaschu.

'S iad Inbhir Aora a tha a' cur dìon air an fharpais seo - farpais a tha iad air buannachadh 10 turas san 12 bliadhna a chaidh.

Dùbhlan

Bidh dùbhlan aca aig Pàirc Mossfield ge-tà an aghaidh Camanachd an Òbain.

Rinn Inbhir Aora a' chùis orra 4-2 san lìog mar-thà am bliadhna ach chan abhaist do chus a bhith eadar na sgiobaidhean seo.

Sa gheama eile sa chupa bidh Caol Bhòid an aghaidh Meadhan Earra-Ghàidheal ann an Glaschu.

Bha seusan an ìre mhath truagh aig balaich Thaigh na Bruaich san lìog thuige seo, a' fàgail gur ann air na cupanan gu mòr a bhios iad ag amas.

Bu chòir gum faigh iad seachad air sgioba Ghlaschu.

Lìog

Sa Phrìomh Lìog bidh Loch Abar aig an taigh an aghaidh Chinn Loch Seile.

Chaidh an geama eadar Ceann a' Ghiuthsaich is an Gearasdan a chur dheth air sgàth bàs Drew MhicFhearghais, a bha roimhe a' cluich dhan Ghearasdan.

Chaidh an geama aig darna sgioba a' Ghearasdain an aghaidh Loch Carrain a chur dheth cuideachd, agus an geama eadar darna sgioba Chaol Bhòid is Baile a' Chaolais.

Tha aon gheama ann an Cupa na Camanachd cuideachd aig an deireadh-sheachdain, is Cabair Fèidh a' cluich Celtic an Òbain.

Bidh dràma gu leòr ann mus tèid ball a bhualadh cuideachd, is coinneamh èiginn sa Ghearasdan oidhche Haoine mu structar na lìog an ath-sheusan.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile