Ionnsaigh an Inbhir Nis

Tha na Poilis a' sireadh fiosrachaidh an dèidh mar a chaidh ionnsaigh a thoirt air boireannach an Inbhir Nis Oidhche Shathairne.

Thachair an ionnsaigh mu 11:45f air Rathad an Talchain (Haugh Road).

Thuirt na Poilis gu bheil iad airson lorg fhaighinn air fireannach a chaidh fhaicinn sa sgìre, aig Eaglais Bruaich Nis am measg àiteachan eile, bho 7:30f.

Thathas ag iarraidh air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh mun fhireannach no an ionnsaigh fios a chur gu Poilis na h-Alba.