Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

21 An Cèitean 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Eaconamaidh 's Neo-eisimeileachd

Rinn Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, mìneachadh air an argamaid eaconamaich airson neo-eisimeileachd. Thuirt Mgr Salmond aig òraid san Eaglais Bhric gu bheil Alba, an coimeas ris a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte gu math nas làidire a thaobh suidheachadh a h-ionmhais. Thuirt e gu bheil cosgais phoblach agus peinseanan a' falbh le earrainn nas lugha de bheartas na h-Alba, seach mar a tha an còrr de Bhreatainn. Na bu tràithe an-diugh, thuirt Alasdair Darling, Cathraiche na h-iomairt Better Together, a tha an aghaidh neo-eisimeileachd, gum biodh Alba gu math nas fheàrr dheth gun neo-eisimeileachd a bhith a' dèanamh cunnart do mhalairt ris a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte.

Oklahoma

Tha mu 20 duine-cloinne am measg còrr is ceithir fichead is deichnear a chaill am beatha ann an tornado mhòr a rinn sgrios air sgìre air iomall Oklahoma City. Bha còrr is dà mhìle de leathad san tornado, a dh'èirich gu faisg iar 200 mìle san uair. Tha na seirbheisean èiginn a' coimhead a-niste airson feadhainn a dh'fhaodadh a bhith fhathast beò fo thogalaichean agus an sprùilleach a chaidh fhàgail.

An Atmhorachd

Thuit Ìre na h-Atmhorachd a rèir a' Chlàr-cheannaich gu 2.4% anns a' Ghiblean, bho 2.8% sa Mhàirt. 'S e 2% an targaid a th' aig Banca Shasainn. Bha an Clàr-reic sìos gu 2.9% bho 3.3%.

Eaglais na h-Alba

Chuir ministear ann an Eaglais na h-Alba, a tha ag aideachadh gu follaiseach gu bheil e ann an càirdeas gèidh, fàilte air bhòt an Àrd-Sheanaidh a bheir cead do dhaoine gèidh, fir no boireannaich, ann am pòsadh catharra, air àite mar mhinistearan anns an Eaglais. Thuirt an t-Urr. Scott Rennie, leis an do thòisich an deasbad mu mhinistearan gèidh nuair a chaidh a stèidheachadh mar mhinistear air coithional Queen Cross ann an Obar Dheathain bho chionn ceithir bliadhna, gu bheil an gluasad seo a' toirt spèis do dhaoine gèidh anns an Eaglais. Tha bhòt an là an-dè a' ciallachadh gum bi cead aig coithionalan fa-leth ministearan gèidh a ghairm, ged nach eil sin a rèir bun-reachd agus seasaimh oigfigeil na h-Eaglaise. Thèid a' chùis a-niste gu clèirean roinneil na h-Eaglaise, le dùil gum bi dà bhliadhna ann 's dòcha mus tig aonta air a' chùis.

Deoch-làidir

Tha rannsachadh ùr ag ràdh gu bheil casg air cuid de shanasachd a' fàgail nas lugha de dheoch-làidir ga reic an Alba. Tha na chaidh a reic de dh'fhìon sìos mu 4% bho thòisich na riaghailtean ùra bho chionn dà bhliadhna.

G4S

Bidh àrd-oifigeach na companaidh tèarainneachd G4S, Nick Buckles, a' fàgail a dhreuchd aig deireadh na mìos. Chaidh Mgr Buckles a chàineadh an dèidh dha faileachadh air a' chompanaidh na gheall iad de luchd-obrach fhastadh airson nan Geamaichean Oilimpigeach ann an Lunnainn an-uiridh.

Tuathan-Gaoithe

Nì comhairlichean Gàidhealach co-dhùnadh an-diugh air plana airson dà thuath-gaoithe connspaideach faisg air Loch Sin ann an Cataibh. Bhiodh 48 crann-gaoithe eadar an dà thuath. Tha oifigearan dealbhachaidh na Comhairle ag ràdh nach eil adhbhar cur nan aghaidh. Ach tha luchd-coiseachd nam beann agus luchd-glèidhteachais ag ràdh gum mill iad sealladh na sgìre.