Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

22 An Cèitean 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Riaghaltas na Co-bhanntachd

Thuirt am Prìomhaire Dàibhidh Camshron, agus an Leas-Phrìomhaire Nick Clegg, nach bris Riaghaltas na Co-bhanntachd ron ath-thaghadh choitcheann ann an 2015. Thuirt Mgr Camshron gu bheil an Riaghaltas an sàs ann an leasachaidhean mòra, agus gum bi tuilleadh dheth sin ann. Thuirt Mgr Clegg nach eil esan a' faicinn suidheachadh an-dràsta far am fàgadh na Lib-Deamaich a' Cho-bhanntachd.

Eadar-theangairean

Thèid cead air fuireach ann am Breatainn a thoirt do mu 600 de mhuinntir Afganastan a bha a' dèanamh eadar-theangachaidh do dh'fheachdan Bhreatainn san dùthaich sin. Gheibh feadhainn a bhios airidh air bhìosa fad còig bliadhna dhaibh fhèin agus an teaghlaichean, agus cuideachadh le cosnadh agus àite anns am fuirich iad.

Oklahoma

Thuirt na h-ùghdarrasan ann an Oklahoma gu bheil iad an ìre mhath cinnteach a-niste nach tèid tuilleadh chorp no dhaoine a tha fhathast beò fhaighinn fon sprùilleach an dèidh tornado mhòir a' bhòn-dè air iomall Oklahoma City. Bha naoinear chloinne am measg 24 duine air a bheil fios le cinnt a chaill am beatha.

Aquamarine Power

Dh'innis Ministear a' Chumhachd, Fearghas Ewing, an-diugh, gun tug Riaghaltas na h-Alba làn-chead dhan sgeama as motha air an t-Saoghal a bhiodh a' cruthachadh dealain bho chumhachd nan tonn air taobh siar Leòdhais. Chaidh cead-dealbhachaidh a thoirt don phròiseact anns an t-Samhain an-uiridh. Ach tha an sgeama aig Aquamarine Power, dham buin Lewis Wavepower, a' crochadh air càbal dealain ùr a chur eadar na h-Eileanan agus Tìr Mòr, agus cha thachair sin air a' char as tràithe gu 2017.

Cailean Norris

Chaidh fianais as ùr gu Coimisean Ath-sgrùdaidh nan Cùisean Eucorra, a' cur teagamh ann an dìteadh an nurs Cailean Norris à Glaschu. Chaidh Cailean Norris a dhìteadh ann an 2008 airson ceathrar sheann bhoireannach a mhuirt, agus oidhirp air tè eile a mhuirt le puinnseanachadh le insulin.

Ministearan Gèidh

Tha an Eaglais Shaor a' fàgail air Eaglais na h-Alba nach eil an seasamh air ministearan gèidh idir soilleir. Thuirt an t-Urr. Ìomhair Martainn aig an Eaglais Shaoir nach eil e a' tuigsinn ciamar as urrainn do dh'Eaglais na h-Alba ministearan gèidh a cheadachadh, aig a' cheart àm 's a tha iad ag ràdh nach eil bun-reachd na h-Eaglaise no a seasamh traidiseanta ag atharrachadh.