C-diff air nochdadh ann an Uibhist

Dhearbh Bòrd Slainte nan Eilean Siar gu bheil an galar Clostridium Difficile air nochdadh ann an Ospadal Uibhist agus Bharraigh.

Cha dhearbhadh am Bòrd Slainte dìreach co mheud a tha a' fulang le C-diff anns an ospadal ann am Beinn nam Fadhla, ach gu bheil nas lugha na còignear, agus tha iad sin air an cumail fa-leth.

Chan eil an còrr euslainteach gan gabhail a-steach dhan ospadal re ùine, ach tha roinn nan euslainteach a-muigh fhathast a' leantail orra le seirbheisean mar is àbhaist.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile