Àimhreit Fearainn Ùig' ga chuimhneachadh

Bhaltos Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Sheas an sluagh an aghaidh nam fuadaichean.

Ann an iomadach baile air feadh nan Eilean Siar anns an 19mh Linn, agus a-steach don 20mh, chaidh teaghlaichean fhuadachd a-mach às an dachannan, ri linn mar a bha an sluagh a' fàs, ri linn fiachan màil, agus ri linn phlanaichean an uachdarain.

Bha Sgìr' Ùig' an Leòdhas am measg nan sgìrean a bu mhotha a dh'fhulaing, le bailtean air fad gam falbhachadh, agus an sluagh ga chur gu sgìrean eile den eilean far am b'fheudar dhaibh fearann ùr a bhriseadh a-steach, agus beatha ùr a dhèanamh dhaibh fhèin ann an coimhearsnachdan ùra.

Chaidh 400 duine fhuadach as an dachannan.

Bha baile na Riofa air fad air fhalmhachadh, agus chaidh an fheadhainn a bh' ann am fiachan-màil ann am Bhaltos, agus air a' Chnìp fhuadachadh cuideachd.

Cha b' ann air an smugaidean a ghabh an sluagh am fuadachadh seo ge-tà, b' ann air an t-sròin. Thòisich iad air fearann a ghabhail bho thuathanasan air talamh a bha an sinnsearan air obrachadh fad linntean, air stoc iomain air falbh, agus an talamh sin obrachadh dhaibh fhèin a-rithist. Thachair sin uair is uair, ann an iomairt a leig, mu dheireadh thall, leis an t-sluagh fuireach san eilean.

"Tha iad a' comharrachadh seo a-nise, airson gu bheil an talamh a tha seo a-nise leis na daoine," thuirt Annie NicFhioghainn, a tha glè eòlach air eachdraidh Sgìr' Ùig'.

"An fheadhainn a thill, an dèidh a bhith tron Chiad Chogadh bha iadsan na bu chinniche na bha iad a-riamh gun robh iad a' dol a chumail a' dol le seo.

"Mu dheireadh thall, às dèidh dhaibh a bhith anns a' chùirt - feadhainn aca sa phrìosan ann an Dùn Èideann - chaidh Tac na Riofa a bhriseadh an-àirde agus fhuair an sluagh air fuireach ann.

"Agus 's e sin an sluagh a th' ann chun an là an-diugh," thuirt i.

Thèid an eachdraidh iongantach seo a chomharrachadh aig tachartas Dihaoine far an tèid pìos-ealain ris an canar "An Sùileachan" fhoillseachadh.

Chaidh an togalach a chur ri chèile le clachan a thàinig à tobhtaichean nan teaghlaichean a bha an sàs san àimhreit.

Tòisichidh an cuirm aig 4:00f Dhihaoine, le òraidean, ceòl agus cuimhneachain air gaisgich Sgìr' Ùig'.