Dà ghairm air bàta-teasairginn an t-Òib

Bàta-teasairginn an t-Òib
Image caption Tha am bàta-teasairginn a-nis stèidhichte làn-ùine anns an t-Òb.

Chaidh bàta-teasairginn an t-Òib, ann an ceann a deas na Hearadh, a ghairm dà thuras Là na Sàbaid.

Dh'iarr Maoir-Chladaich Steoònabhaigh cuideachadh ann a bhith a' lorg dithis ann an caidheag ann an Uibhist a Tuath.

Chaidh an dithis fhaicinn ann am pàirce-chàraichean Loch nam Madadh na bu tràithe san là a' dèanamh deiseil a dhol gu muir, ach chaidh dragh a nochdadh feasgar 's gun iad air tilleadh.

Chaidh an lorg slàn sàbhailte ann an teanta air a' chladach aig Loch Portain.

Na bu tràithe air an là chaidh am bàta-teasairginn a chur a-mach a chuideachadh Mhaor-Cladaich Steòrnabhaigh ann a bhith a' dèanamh cobhair air seòladair a bh' ann an duilgheadasan aig Bàgh na h-Àird Mhòir, ann am Bhàtarnais.

Chaidh aig an t-seòladair air a shlighe fhèin a dhèanamh gu tìr, agus thill am Bàta-Teasairginn dhan t-Òb.