Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

27 An Cèitean 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Murt ann an Dùn Èideann

Tha Poilis ann an Dùn Èideann a' feitheamh ri fios bho rannsachadh post mortem, agus iad an sàs ann an rannsachadh muirt an dè tachartais ann an sgìre Willowbrae sa bhaile tràth sa mhadainn an-dè. Tha na Poilis a' coimhead airson buidheann de dhaoine dubha, 's iad ag ràdh gun robh gunnaichean an lùib na cùise.

Siria

Tha ministearan cèine an Aonaidh Eòrpaich a' coinneachadh sa Bhruiseal agus Breatainn 's an Fhraing ag iarraidh orra casg-bhannan air Siria a thogail gus an gabh armachd a thoirt dha na Reubaltaich a tha a' strì an aghaidh Riaghaltas a' Chinn-suidhe Assad. Tha na h-uidhir de dhùthchannan eile an EU an aghaidh armachd de sheòrsa sam bith a chur gu ruige Siria.

Ioslam

Tha aithrisean ann gu bheil Oifis na Dùthcha a' beachdachadh air tuilleadh smachd a chur air feadhainn a tha a' teagasg radaiceachd do Mhuslamaich òga. Tha Comataidh Thaghte Chùisean na Dùthcha a' coimhead am measg rudan eile, air casg a chur air an leithid bho na meadhanan naidheachd, mar a thachair do luchd-poileataigs Sinn Féin anns na h-80an.

Woolwich

Chaidh triùir a bha fo cheasnachadh mu mhurt an t-saighdeir Bhreatannaich ann an ceann a deas Lunnainn an t-seachdain seo chaidh a shaoradh air urras. Thàinig dearbhadh bho Oifis nan Dùthchannan Cèine an-dè, gun deach fear den dithis a tha fhathast an grèim, Michael Adebolajo, a chur an grèim ann an Ceinia ann an 2010, agus amharas ann gun robh e a' feuchainn ri a shlighe a dhèanamh gu buidhinn cheannairc Ioslamaich ann an Somàilia.

Caisteal Leòdhais

Tha dùil ri fios an-diugh fhathast cò a' chompanaidh a fhuair an cùmhnant airson na h-ath-ìre de leasachadh aig Caisteal Leòdhais ann an Steòrnabhagh. Tha taigh-tasgaidh agus tasglann anns a' phlana, agus taigh-òsta a bhios ga ruith le companaidh phrìobhaidich.

Stòras Uibhist

Tha Cathraiche Stòras Uibhist, Aonghas Mac 'ille Mhaoil, a' fàgail a dhreuchd aig a' bhuidhinn choimhearsnachd. Chuir naoinear an ainm air adhart airson taghadh air an ath-mhìos airson ceithir àite air a' Bhòrd-Stiùiridh. Ach chan eil Mgr Mac 'ille Mhaoil nam measg.