Droch dhìol ga sgrùdadh aig seann sgoil

Tha Poilis a' rannsachadh chasaidean gun do dh'fhulaing clann aig seann sgoil Chaitligich air Ghàidhealtachd droch dìol agus gun deach ionnsaighean drabasta a thoirt orra.

Dhùin an sgoil ann an Abaid Chille Chuimein, a bha air a ruith le manaich, ann an 1993.

A rèir na casaidean a tha air ceann a thogail tha gun robh manaich a' dochann bhalach agus a' toirt ionnsaighean drabasta orra.

Tha aithrisean ann cuideachd mu ionnsaighean saic-eòlach.

Dhùin an abaid fhèin ann an 1998 agus chaidh a reic.

Chaidh an togalach a leasachadh mar àite-fuirich do luchd-turais.

Dhearbh fear-labhairt do na Poilis gun robh na casaidean gan rannsachadh agus gun robh an sgrùdadh aca aig ìre thràth.