Ceann-ùine do thagraichean a' Mhòid

Pàislig Image copyright BBC (le cead bho Undiscovered Scotland)
Image caption 'S e 2013 a' chiad uair a thèid am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chumail ann am Pàislig.

Tha an Comunn Gàidhealach a' cur an cuimhne dhaoine nach eil ach beagan làithean air fhàgail aca na tagraidhean aca airson a' Mhòid Nàiseanta Rìoghail a chur thuca.

'S ann ann am Pàislig a thèid am Mòd a chumail airson a' chiad uair am bliadhna.

Thuirt an Comunn Gàidhealach gu bheil iad air mòran thagraidhean fhaighinn mar thà, ach gu bheil iad a' sùileachadh gum faigh iad cuid mhath eile ron 31mh là den Chèitean - nuair a dh'fheumas na foirmichean gu leìr a bhith a-staigh.

Dh'iarr stiùiriche a' Mhòid, Seònaid NicDhòmhnaill, air daoine sùil a thoirt air an stiùireadh a tha ri fhaighinn air an làrach-lìn aca mus cuir iad na tagraidhean aca thuca, gus am bi fios aca mu na h-atharrachaidhean a thig air farpaisean na bliadhna seo.

Àite Ùr

Thuirt Neach-gairm Comataidh Ullachaidh Mhòd Phàislig, Ealasaid NicDhòmhnaill, gu bheil iad misneachail gun toir an fhèis togail dhan bhaile, agus gun neartaich i cleachdadh na Gàidhlig anns an sgìre.

"Ged nach eilear a' smaoineachadh gu bheil mòran ceangail ris a' chultar shìos an seo, tha eachdraidh luachmhor againn anns an sgìre a thaobh na Gàidhlig," thuirt i.

Thuirt Ceann-suidhe a' Chomuinn Ghàidhealaich, Iain MacLeòid, gu bheil e cudromach gun tèid buannachdan a' Mhòid a sgaoileadh air feadh Alba seach gu bheil a' Ghàidhlig a' buntainn ri Alba air fad.

Thuirt e gu bheil e dòchasach gum fàg Mòd Phàislig dìleab mhath às a dhèidh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile