Itealan Flybe
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Iomairt seirbheisean adhair a ghlèidheadh

28 An Cèitean 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha an iomairt gus dìon a chur air seirbheisean adhair eadar Inbhir Nis agus Lunnainn a' neartachadh, 's fear de Bhuill-Phàrlamaid Albannach na Gàidhealtachd an dùil a' chùis a thogail sa Phàrlamaid Dimàirt.

Chuir Dàibhidh Stiùbhart iomairt "Save our Slots" air chois, às dèidh do Flybe an cead-laighe aca aig Gatwick a reic ri Easyjet.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air sgrìobhadh gu Easyjet, ag iarraidh gun deadh seirbheisean adhair eadar Inbhir Nis agus Lunnainn a ghlèidheadh.

Tha Doneil MacLeòid ag aithris.