Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00

28 An Cèitean 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Èirinn a Tuath

Thuirt polais ann an Èirinn a Tuath gur ann ag amas air dithis oifigear poilis a mharbhadh a bha ionnsaigh bom ann am Beal Feairst sa mhadainn an diugh. Bha na h-oifigearan a' freagairt gairm gu èiginn ann an sgìre Chrumlin nuair a chaidh dà bhom pìoba a thilgeil orra. Cha deach an goirteachadh.

Sàbhalaidhean

Thuirt an Seansalair, Seòras Osborne, gun do dh'aontaich seachd de roinnean Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ri gearradh de 10% nam buidseat an ath-bhliadhna. Cùmhnaidh sin mu £2bn den £11.5bn air a bheil an Riaghaltas ag amas ann an sàbhalaidhean. Tha Roinn an Ionmhais, Oifis a' Chaibeanait agus Oifis nan Dùthchannan Cèin a-measg na ghabh ris na gearraidhean.

Murt

Tha polais ann an Dùn Èideann fhathast a' rannsachadh muirt an dèidh tachartas ann an sgìre Willowbrae sa bhaile tràth madainn na Sàbaid. Chaochail Mohammed Omar Abdi, a bha 25 a dh'aois, anns an ospadal. Tha na polais ag ràdh gu robh gunnaichean an lùib na cùise. Tha iad a' dol as àicheadh gur e Imam, aig mosque anns a bhaile, a th' ann an athair an duine a chaidh a mhurt.

Max Clifford

Chaidh an comhairliche PR, Max Clifford, às àicheadh aona chasaid deug na aghaidh mu ionnsaighean drabasda air nighnean a bha nan deugairean aig an àm - a' dol air ais còrr is dà fhichead bliadhna. Nochd Mgr Clifford, a tha 70 a dh'aois, aig Cùirt nam Maighstirean Lagha ann an Westminster. Chaidh a shaoradh air urras gus an tèid e gu Cùirt a' Chrùin ann an Southwark air an ath-mhìos.

Seirbheisean "rendition"

Chaidh dearbhadh iarraidh air Companaidh Puirt-adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean mu aithrisean gun deach seirbheisean dìomhair "rendition" tro ghin de phuirt-adhair na Gàidhealtachd. B'e "rendition" nuair a tha feadhainn a tha fo amharas mu cheannairc gan gluasad gu dùthchannan eile son an cumail an greim agus an ceasnachadh. Tha casaidean ann gun deach dochann agus ciùrradh a dhèanamh air feadhainn. Tha Oilthighean Kent agus Kingston ag ràdh gu bheil fianais aca gun do laigh pleanaichean le ceanglaichean ris an CIA ann an Inbhir Nis agus Inbhir Ùige. Thuirt an Comh. Ailig MacLeòid à Gallaibh ma tha si n fìor gur e cùis uamhais a th' ann agus tha e ag iarraidh mìneachaidh bho HIAL.

Seirbheisean adhair

Thèid dragh mu sheirbheisean adhair eadar Inbhir Nis agus Gatwick a thogail ann am Pàrlamaid na h-Alba an diugh, an dèidh do Flybe na làraich aca aig Gatwick a reic ri EasyJet. Chuir am ball Làbarach air a' Ghàidhealtachd, Dàibhidh Stiùbhart, iomairt air bhonn fon ainm 'Save Our Slots' 's togaidh esan a' cheist aig Holyrood. Agus thuirt ceannard Chomhairle na Gàidhealtachd, Drew Hendry, gun d'fhuair esan dòchas bho EasyJet mu ghlèidheadh nan seirbheisean eadar Inbhir Nis agus Gatwick.