Comataidh nan Ath-Chuingean a' deasbad RET

Thèid iarriadh air Ceannard agus Fear-Gairm Comhairle nan Eilean Siar nochdadh mu choinneimh Comataidh nan Ath-Chuingean aig Holyrood, airson fianais a thoirt seachad a thaobh mar a chaidh RET a thoirt bho luchd-bathair air na h-aiseagan.

Chaidh iarraidh Dimàirt air a' Chomataidh beachdachadh air a' chùis às dèidh do Bhuidhinn Chòmhdhail Innse Gall ath-chuinge a chur thuca.

Thèid beachdachadh cuideachd air ath-chuinge bho Choimhairle Òigridh Bharraigh air suidheachadh WIFI air bàtaichean-aiseig ChalMac.

Thuirt BPA Ceann a Tuath na h-Alba, Dàibhidh Stiùbhairt, a tha na Fhear-Gairm air a' Chomataidh, gu bheil fiosrachadh a bharrachd a dhìth orra a thaobh grunn chuspairean co-ceangailte ris na h-Eileanan an Iar.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile