Iomairt "Nas Fheàrr Còmhla" ga cur air bhog ann an Steòrnabhagh

An t-Àrd-Oll. Urr. Dòmhnall MacLeòid
Image caption Chan eil Dòmhnall MacLeòid a' faicinn buannachd sam bith ann a bhith a' fàgail na Rìochachd Aonaichte.

Chaidh iomairt na buidhne "Nas Fheàrr Còmhla" ann an Leòdhas agus Na Hearadh fhoillseachadh oidhche Mhàirt.

Aig cruinneachadh san Lanntair, chuala na bha an làthair grunn argamaidean a bha a' cur taic ri Breatainn a chumail aonaichte.

Tha Yes Scotland mar thà air an iomairt aca a chur air dòigh sna h-Eileanan an Iar.

Ach an t-seachdain seo bha cothrom aig an taobh eile an cuid argamaidean a chur fa chomhar an t-sluaigh.

An Eaconamaidh

A' bruidhinn aig a' chuirm oidhche Mhàirt ann an Steòrnabhagh, bha an seann Sheansalair, Alasdair Darling, agus seann phrionnsabal Colaiste na h-Eaglaise Saoire, an t-Àrd-Oll. Urr. Dòmhnall MacLeòid.

"Chan eil mi a' faicinn gu bheil buannachd sam bith ann do dh'Alba a bhith dealaichte bhon Rìoghachd Aonaichte," thuirt Mgr MacLeòid.

"Cha dèan e leasachadh air aon de na trioblaidean a th' againn ann an Alba.

"Agus saoilidh mi cuideachd gu bheil sinne ann an Alba a' mealtainn mòran shochairean air sgàth an Aonaidh.

"Bho chionn ùine fhada, tha saorsa is cothroman againn gu poileataiceach, agus tha sochairean sòisealta againn mar a tha am peinsean 's rudan den t-seòrsa sin.

"Agus Seirbheis Nàiseanta na Slàinte. Fhuair sinn a h-uile càil dheth sin ri linn a bhith ann am broinn an Aonaidh.

"Cuideachd tha sinn a' faighinn cothrom beagan buaidh co-dhiù a bhith againn anns an t-Saoghal anns an fharsainneachd," thuirt e.

Chan eil Mgr MacLeòid ag aontachadh idir ris an argamaid a tha luchd-taic na Neo-eisimeileachd a' cur air adhart, gum biodh eaconamaidh na h-Alba na b' fheàrr dheth mur an robh Alba san Aonadh.

"Tha e duilich a bhith foighdinneach leis an argamaid a tha sin.

"Chan eil càil de reusan airson gum biodh Alba na b'fheàrr dheth gu h-eaconamach nam biodh sinn sgarraichte bho Shasainn.

"Cha bhiodh a bhith neo-eisimeileach a' dèanamh diofar sam bith a thaobh sin. Bidh sinn tòrr nas sàbhailte ma bhìos an Rìoghachd Aonaichte a' dìon 's a' daingneachadh na tha daoine a' sàbhaladh anns na bancaichean na bhiodh sinn nam biodh sin an urra ri Alba.

"Agus tha margaidh Bhreatainn fhèin cho cudromach, gum bi sinn nar pàirt dheth sin.

"Dh'fhaodadh sin a bhith aig Alba neo-eisimeilich fhathast, gu dearbha. Ach tha iomadach suidheachadh far a bheil sluagh no cinneadh a' fulang air sgàth nach eil cothroman no saorsa aca, agus far a bheil dèanamh dìmeas orra.

An Ola

"Tha saorsa againn an Alba, agus tha cothroman mòra againn, 's chan eil adhbhar sam bith againn an t-Aonadh a sgarradh," thuirt e.

Chan eil Mgr MacLeòid den bheachd gum biodh bun-stèidh seasmhach aig eaconamaidh na h-Alba nas motha mur an robh i mar phàirt den RA.

"Nam bheachdsa tha an ola gu math cugallach. Cha mhair e uabhasach fada co-dhiù - chan eil ann ach na h-uidhir dhith.

"Thig là, 's chan eil sin fad às, nuair a theirgeas an ola dhuinn gu tur.

"Bhiodh e amaideach, ma tha sinn a' meas gum bi Alba an seo airson 2,000 bliadhna eile, chan eil san ola ach ùine glè gheàrr dheth sin, agus bhiodh e amaideach dhuinn a bhith an urra ris, mar a tha an fheadhainn a tha ag iarraidh Neo-eisimeileachd a bhith.

A' Ghàidhlig

"Tha cothrom aig a h-uile duine com-pàirt a dhèanamh ann am poileataics na h-Alba, agus bhon t-sealladh sin tha an Riaghaltas againn cothromach.

"Ach cuideachd tha sinn a' faighinn com-pàirt ann an rud nas motha na Alba.

"Gu bheil buaidh againn ann am Breatainn agus anns an Roinn Eòrpa cuideachd air sgàth gu bheil sinn am broinn an Aonaidh an-dràsta.

"Chan eil mise a' meas gu bheil sinn a' call càil.

"Agus chanainn seo: gu bheil an dualchas agus eadhon ar cànan Gàidhlig fhèin, gu bheil e sàbhailte ann am broinn an Aonaidh, agus gu bheil e air soirbheachadh ann an tomhais mhòir," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile