Uisge Uibhist ga ghlanadh dòigh eile

Uisge
Image caption Tha chloramine nas èifeachdaiche ann a bhith a' glanadh an uisge air feadh an t-siostaim gu lèir.

Dh'atharraich Uisge na h-Alba an dòigh sa bheil iad a' glanadh an uisge ann an Ceann a' Bhàigh ann an Uibhist a Tuath.

An àite a bhith a' cur chlorine san uisge tha iad a-nis a' cleachadh chloramine.

Tha a' chompanaidh ag ràdh gu bheil chloramine nas èifeachdaiche na chlorine airson an t-uisge a ghlanadh tron t-siostam gu lèir.

Aig an ìre seo, tha tighinn orra barrachd chlorine a chur ris an t-siostam ann an diofar àiteachan, a thuilleadh air na thèid ann aig an ionad-ghiollachd fhèin, ri linn 's gun lagaich chlorine mar as fhaide a thèid e a-steach tron t-siostam.

Chan fheum sin tachairt le chloramine, nach bi a' call a neart.

Tha chlorine cuideachd a' fàgail fàileadh anns an uisge, agus blas air, gu h-àraid faisg air an ionad-ghiollachd.

Cha bhi fàilleadh no blas a' chloramine ann an uisge a thèid a ghlanadh leis.

Ged a tha Uisge na h-Alba ag ràdh gu bheil iad a' cleachdadh chloramine anns na h-Eileanan Siar cheana, agus ann am bailtean mòra, tha iad a-nis gus a sgaoileadh air feadh Uibhist, Barraigh agus na Hearadh thar nam mìosan a tha ri tighinn.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile